Mu UHI
Is e oilthigh amalaichte a tha seo, a tha a’ coimeasgachadh foghlam adhartach agus foghlam àrd-ìre - an t-aon ionad-foghlaim a-mhàin de a leithid ann an Alba, agus aon den bheagan san Roinn Eòrpa.
Is e barrachd na colaiste a th’ annainn agus barrachd na oilthigh traidiseanta: com-pàirteachas sùbailte ioma-dhòigheach freumhaichte nar coimhearsnachdan agus air a stiùireadh le am feumalachdan.
Tha ar lìonra de cholaistean, ionadan teagaisg speisealach agus institiùdan rannsachaidh a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta, a’ lìbhrigeadh ionnsachadh sùbailte le taic, bho ìre inntrigidh gu PhD.
Le 48 làraichean air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Moireibh agus Siorrachd Pheairt, tha sinn a’ tabhann foghlam a tha cuimsichte gu h-ionadail agus cruinneil na ruigsinneachd.
Tha oileanaich aig cridhe gach nì a tha sinn a’ dèanamh. Is e an soirbheachadh acasan ar slat tomhais.
Tro theagasg aig ìre chruinneil, rannsachadh agus iomlaid eòlais, tha UHI a’ co-cheangal ar roinnean ris an t-saoghal – agus a’ toirt an t-saoghail gu ar roinnean.