8.9 Goireasan daonna
Facal-toisich
Is e a bheirear sa chatagaraidh seo fiosrachadh mu ro-innleachd is stiùireadh ghoireasan daonna san stèidheachd, seach fiosrachadh mu bhuill fa leth den luchd-obrach (rud a tha air a shaoradh o fhoillseachadh leis gun e fiosrachadh pearsanta a th’ ann). Am measg an fhiosrachaidh a tha ri fhaotainn tha poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh an luchd-obrach (a’ gabhail a-steach chumhaichean is cùmhnantan seirbheis agus a h-uile tionntadh làthaireach den fhiosrachadh a tha air a shònrachadh anns gach clas). Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.
| 
 Ainm a’ Chatagaraidh  | 
 Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh  | 
 Eisimpleirean/Nòtaichean  | 
 Cruth an fhiosrachaidh  | 
 Cìs  | 
 Fiosrachadh air a chumail air ais  | 
| 
 Profaidhl an luchd-obrach  | 
 Fiosrachadh staitisteil air an luchd-obrach  | 
 Fiosrachadh aig ìre na stèidheachd a rèir rang, gnè: Dèantar tar-iomradh ri Co-ionannachd is Iol-ghnèitheachd, catagaraidh 12.  | 
 Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn. Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e  | 
 Gun phàigheadh  | 
|
| 
 Poileasaidhean trusaidh  | 
 Poileasaidhean, aithrisean, modhan-obrach agus iùl a thaobh trusadh  | 
 A h-uile poileasaidh is modh-obrach a thaobh an luchd-obrach.  | 
 Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn.  | 
||
| 
 Cumhaichean fastaidh  | 
 Cumhaichean is cùmhnantan fastaidh coitcheann  | 
 Rangan is ìrean tuarastail. Poileasaidhean eile a thaobh Ghoireasan Daonna, nach eil air an gabhail a-steach ann an catagaraidh sam bith eile.  | 
|||
| 
 Rianachd coilionaidh  | 
 Poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh rianachd coilionaidh  | 
 Fiosrachadh mu rèiteachaidhean airson probhadh is measadh  | 
 Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e  | 
 Gun phàigheadh  | 
|
| 
 Àrdachadh  | 
 Poileasaidhean, aithrisean, modhan-obrach, iùl is staitistig a thaobh àrdachadh, atharrachadh rang agus ath-sgrùdaidhean tuarastail  | 
 Fiosrachadh staitisteil mu thoraidhean  | 
 Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn.  | 
||
| 
 Peinnseanan  | 
 Poileasaidhean is iùl a thaobh rèiteachaidhean peinnsein do luchd-obrach  | 
 Ìrean thabhartasan (na stèidheachd agus an duine fa leth) Sochairean agus ìrean cruinneachaidh nan sochairean. Luachaidhean maoineachaidh air sgeamaichean peinnsein  | 
|||
| 
 Smachd  | 
 Modhan-obrach is poileasaidhean a thaobh smachdachadh  | 
 Poileasaidh air sàrachadh is burraidheachd. Poileasaidhean eile a thoabh Ghoireasan Daonna, nach eil air an gabhail a-steach ann an catagaraidh sam bith eile, far am faod ceuman smachdachaidh tighinn nan lùib ma thèid am briseadh.  | 
 Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e  | 
 Gun phàigheadh  | 
|
| 
 Cùisean-gearain  | 
 Modhan-obrach is poileasaidhean a thaobh chùisean-gearain  | 
 Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn.  | 
|||
| 
 Dàimhean ri luchd-obrach  | 
 Modhan-obrach airson barganachadh coitcheann is co-chomhairleachadh ri Aonaidhean Ciùird is Buidhnean Dreuchdail aithnichte agus na h-aontachaidhean a ràineas  | 
 Na h-aontachaidhean a ràineas fo na modhan-obrach seo  | 
|||
| 
 Foillseachadh a chum leas a’ phobaill  | 
 Fiosrachadh a tha a dhìth airson cumail ris an Achd Foillseachaidh a chum Leas a’ Phobaill  | 
 Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e  | 
 Gun phàigheadh  | 
||
| 
 Leasachadh luchd-obrach  | 
 Poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh leasachadh leantainneach luchd-obrach  | 
 Rèiteachaidhean inntrigidh. Cothrom air trèanadh taobh a-staigh agus taobh a-muigh den stèidheachd  | 
 Tha pàirt den fhiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn.  | 
||
| 
 Clàran luchd-obrach  | 
 Poileasaidh na stèidheachd a thaobh fiosrachadh pearsanta mun luchd-obrach a chruinneachadh, a chumail suas is a chur gu feum.  | 
 Poileasaidhean is modhan-obrach a bhuineas ri cruinneachadh, dearbhadh cumail suas agus sgriosadh dàta, rianachd an t-siostaim chlàran luchd-obrach e fhèin, agus riarachadh dhleastanasan air luchd-obrach. Rèiteachaidhean airson dàta a sholar do BSFA[1], CMAFAA[2] agus buidhnean eile aig a bheil còirichean reachdail air dàta.  | 
|||
| 
 Goireasan do luchd-obrach  | 
 Tuairisgeul air na goireasan is na seirbheisean a tha ri am faotainn do bhuill den luchd-obrach a-mhàin.  | 
 Faodaidh gum bi stèidheachdan ag iarraidh tar-iomradh a dhèanamh air fiosrachadh den aon seòrsa mu ghoireasan is seirbheisean a tha ri am faotainn do dh’oileanaich no don choimhearsnachd ionadail.  | 
 Am fiosrachadh nach fhaighear air an làraich-lìn, gheibhear tro iarrtas e  | 
 Gun phàigheadh  | 
 
[1] BSFA – Buidheann Staitistig Foghlaim Àrd-ìre
[2] CMAFAA – Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba airson Foghlam Adhartach is Àrd-ìre (CMA)